Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairtean-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.

Agus bhris an sluagh uile dhiubh an cluas-fhailean òir a bha nan cluasan, agus thug iad gu Aaron iad.

Agus thàinig na daoine glice uile, a rinn uile obair an ionaid naoimh, gach duine aca o a obair fhèin a bha iad a’ dèanamh;

Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na dèanadh fear no bean sam bith tuilleadh obrach airson tabhartas an ionaid naoimh. Mar sin thoirmisgeadh don t‑sluagh nì sam bith a thoirt leo.

Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan