Agus dh’obraich an luchd-obrach, agus choileanadh an obair len làimh; agus rinn iad suas taigh an Tighearna cho ceart is a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e.
Agus ghabh iad o Mhaois na tabhartasan uile a thug clann Israeil leo a‑chum obair seirbhis an ionaid naoimh, gu a dèanamh. Agus thug iad fhathast da ionnsaigh saor-thabhartasan gach aon mhadainn.
Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.
Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air.