Agus rinn e dha ceithir puist de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr: bha an cromagan de òr, agus thilg e dhaibh ceithir buinn airgid.
Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,
Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.
Agus rinn e roinn-bhrat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta rinn e e, le ceruban.
Agus rinn e airson doras a’ bhùtha brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, de obair snàthaid:
Oir feuch, rinn mise thu an‑diugh ad chathair dhaingnichte, agus ad phost iarainn, agus ad bhalla umha, an aghaidh na tìre seo uile; an aghaidh rìghrean Iùdah, an aghaidh a mòr-uaislean, an aghaidh a sagartan, agus an aghaidh sluagh na tìre: