Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad air an ceangal ri chèile fodha, agus mar an ceudna bha iad air an coicheangal aig a’ cheann ri aon fhailbheig: mar seo rinn e riu le chèile anns an dà oisinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Tha Ierusalem air a togail mar àrd-bhaile a tha air a choicheangal ri chèile,

Feuch, cia math agus cia taitneach an nì do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd!

Agus bidh iad air an coicheangal foidhe, agus mar an ceudna bidh iad air an coicheangal os a chionn ri aon fhailbheig: mar seo nìthear dhaibh le chèile; bidh iad airson an dà oisne.

Agus rinn e dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh.

Agus bha ochd bùird ann, agus an casan de airgead, eadhon sia casan-deug: dà chois fo gach bòrd.

Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,

Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca.

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.

Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid.

Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;

Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;

A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;

Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan