Agus rinn e lethcheud cromag de umha a cheangal a’ bhùtha ri chèile, a‑chum is gum biodh e na aon.
Agus nì thu lethcheud cromag òir, agus ceanglaidh tu na cùirteanan ri chèile leis na cromagan: agus bidh e na aon phàillean.
Agus rinn e lethcheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.
Agus rinn e còmhdach don bhùth, de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn.
Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.