Agus choicheangail e còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin.
B’e fad aon chùirtein deich làmhan-coille ar fhichead, agus ceithir làmhan-coille leud aon chùirtein; bha an t‑aon-chùirtean-deug de aon tomhas.
Agus rinn e lethcheud lùb air an oir a b’fhaide a‑mach den chùirtean anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb rinn e air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.