Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cheangail e còig cùirteanan gach aon ri chèile: agus na còig cùirteanan eile cheangail e gach aon ri chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Tha Ierusalem air a togail mar àrd-bhaile a tha air a choicheangal ri chèile,

Feuch, cia math agus cia taitneach an nì do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd!

Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile.

Agus rinn e lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal; air a’ mhodh cheudna rinn e ann an oir a’ chùirtein eile as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.

Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: na cùirteanan uile de aon tomhas.

Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.

Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite.

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.

Ach a‑nis tha iad nam mòran bhall, ged nach eil ann ach aon chorp.

A‑nis is sibhse corp Chrìosd, agus is buill sibh fa leth.

A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile.

Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh.

Uime sin, a mheud dhinne is a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn: agus ma tha sibh ann an nì sam bith air atharrachadh inntinn, foillsichidh Dia an nì seo fhèin dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan