Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 36:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Bu mhac bantraich e de threubh Naphtali, agus b’fhear o Thìrus a athair, ceàrd-umha; agus bha e làn de ghliocas, agus de thuigse, agus de eòlas a dhèanamh gach obrach ann an umha: agus thàinig e a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, agus rinn e a obair uile.

Agus ghin Hur Uri, agus ghin Uri Besalil.

Agus, feuch, roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach maille riut a‑chum uile sheirbhis taigh Dhè, agus maille riut a‑chum gach uile ghnè obrach, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h‑iomlan freagarrach dod àitheantan uile.

An sin cha ghabh mi nàire, nuair a bheir mi spèis dod àitheantan gu lèir.

Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus an ola-ungaidh, agus tùis chùbhraidh airson an ionaid naoimh; a rèir nan uile nithean a dh’àithn mi dhut, nì iad.

Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.

Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach-grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn.

Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh-san, gun giùlaineadh iad air an guaillean.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

Ministear an ionaid naoimh, agus an fhìor phàillein, a shuidhich an Tighearna, agus cha b’e duine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan