Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 35:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ola airson solais, agus spìosraidh airson ola-ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gun toir iad ad ionnsaigh ola fhìorghlan a’ chroinn-ola, brùite airson an t‑solais, a thoirt air an lòchran lasadh an còmhnaidh.

Gabh-sa dhut fhèin, mar an ceudna, spìosraidh thaghte de mhirr fìorghlan, còig ceud secel, agus de chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus lethcheud secel, agus de chalamas cùbhraidh dà cheud agus lethcheud secel.

Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.

Agus spìosraidh, agus ola airson an t‑solais, agus airson na h‑ola ungaidh, agus airson na tùise cùbhraidh,

Agus craicnean reitheachan air an dath dearg, agus craicnean bhroc, agus fiodh sitim,

Agus clachan onics, agus clachan a‑chum an ceangal, airson na h‑èphoid, agus airson an uchd-èididh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan