Ecsodus 35:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha, Faic an caibideil |
An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan-loisgte.