Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 35:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad, gach duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna airson obair pàillean a’ choitheanail, agus airson a sheirbhis uile, agus airson an èididh naoimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhè Israeil, dod sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi taigh dhut; uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe an ùrnaigh seo a dhèanamh riut.

An sin sheas Daibhidh an rìgh suas air a chasan, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithrean, agus mo shluagh: Bha e agamsa ann am chridhe taigh-còmhnaidh a thogail do àirc coicheangal an Tighearna, agus do stòl-chas ar Dè‑ne, agus dh’ullaich mi fa chomhair na h‑obrach:

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach.

Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.

Agus thug cuid de chinn nan athraichean, nuair a thàinig iad do thaigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem, seachad den saor-thoil airson taigh Dhè, a‑chum a chur suas na àite fhèin.

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem;

Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.

Labhair ri cloinn Israeil, gun toir iad am ionnsaigh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le a chridhe gabhaidh sibh mo thabhartas.

Agus dh’fhalbh coitheanal chloinn Israeil uile à làthair Mhaois.

Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.

Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar.

Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois.

Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.

Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.

Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.

A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

Dùisg, dùisg, a Dheborah; dùisg, dùisg; can òran: èirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid ann am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim.

Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil.

Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan