Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 35:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

Agus na dhèidh sin thàinig clann Israeil uile am fagas dha; agus dh’àithn e dhaibh na h‑uile nithean a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinài.

(Oir chan iad luchd-èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd-dèanamh an lagha air am fìreanachadh.

Ach bithibh-se nur luchd cur-an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd-èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan