Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Oir roghnaich an Tighearna Iàcob dha fhèin, Israel mar a ionmhas sònraichte.

Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr.

Saor do shluagh agus beannaich d’oighreachd; beathaich iad agus àrdaich iad gu bràth.

Is beannaichte an cinneach sin aig a bheil an Tighearna na Dhia dhaibh, an sluagh a roghnaich e mar oighreachd dha fhèin.

Agus thug e thairis a shluagh don chlaidheamh, agus ghabh e fearg ra oighreachd.

Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin;

A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.

A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;

Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

Agus sealbhaichidh an Tighearna Iùdah, a chuibhreann, anns an fhearann naomh; agus roghnaichidh e Ierusalem a‑rìs.

Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd-san.

Ach ghabh an Tighearna sibhse, agus thug e a‑mach sibh as an àmhainn iarainn, as an Eiphit, gu bhith nur sluagh airson oighreachd dha fhèin, mar air an là‑an‑diugh.

Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

Gidheadh is iad do shluagh iad, agus d’oighreachd, a thug thu a‑mach led threun neart, agus led ghàirdean sìnte a‑mach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan