Agus na dhèidh sin thàinig clann Israeil uile am fagas dha; agus dh’àithn e dhaibh na h‑uile nithean a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinài.
Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, an nì a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise.
A‑nis is iad seo na breitheanais a chuireas tu romhpa.
Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.
Agus ghairm Maois orra; agus thill Aaron agus uachdarain a’ choitheanail uile da ionnsaigh; agus rinn Maois còmhradh riu.
Agus sguir Maois de labhairt riu; agus chuir e gnùis-bhrat air a aghaidh.
Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.
A‑chum is gun cuimhnich, agus gun dèan sibh m’àitheantan uile, agus gum bi sibh naomh dur Dia.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e:
Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar: