Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.

Agus duine sam bith cha bhi ann am pàillean a’ choitheanail, nuair a thèid e a dhèanamh rèite anns an ionad naomh, gus an tig e a‑mach, agus gu bheil e air dèanamh rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe, agus airson uile choitheanal Israeil.

Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;

(Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan