Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Maois a‑nuas o shliabh Shinài, (le dà chlàr na Fianais ann an làimh Mhaois, nuair a thàinig e a‑nuas on t‑sliabh), cha robh fhios aig Maois gun do dhealraich craiceann a aghaidh, am feadh is a bha e a’ còmhradh ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon ri chèile, Mana: oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, Seo an t‑aran a thug an Tighearna dhuibh ra ithe.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t‑sliabh, agus dà chlàr na Fianais na làimh; bha na clàir sgrìobhte air an dà thaobh; air an taobh seo, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhte.

Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gun do dhealraich craiceann aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis-bhrat air a aghaidh a‑rìs, gus an deachaidh e a‑steach a labhairt ris.

Cò a tha mar an duine glic? Agus cò don aithne eadar-mhìneachadh nì? Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise.

Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas.

Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.

Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr.

Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?

Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach.

Agus cha robh fhios aig an tì a shlànaicheadh cò e: oir chaidh Iosa as a shealladh, air do mhòr-shluagh a bhith anns an àite.

Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.

An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd-shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill.

Agus air dhaibhsan uile a bha nan suidhe anns a’ chomhairle amharc gu geur air, chunnaic iad a aghaidh mar aghaidh aingil.

Agus chan eil sinn mar a bha Maois, a chuir còmhdach air a aghaidh, a‑chum nach amhairceadh clann Israeil gu geur gu crìch an nì a chuireadh air cùl.

Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.

Agus ghabh a’ bhean an dithis dhaoine, agus dh’fhalaich i iad, agus thubhairt i mar seo, Thàinig gun amharas daoine am ionnsaigh, ach cha robh fhios agam cia as a thàinig iad:

Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall-fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile.

Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.

Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.

Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thubhairt e, Thèid mi a‑mach, mar air uairean eile, agus crathaidh mi mi fhèin: oir cha robh fhios aige gun d’imich an Tighearna uaithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan