Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh thusa na facail seo: oir a rèir brìgh nam facal seo rinn mise coicheangal riut fhèin agus ri Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.

Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.

Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut.

Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.

Agus chuir e an cèill dhuibh a choicheangal, a dh’àithn e dhuibh a choileanadh, eadhon deich àitheantan; agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan