Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus a thabhairt ciad-thoradh ar fearainn, agus ciad-thoradh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu taigh an Tighearna:

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh a fhoghar, an sin bheir sibh sguab de chiad-thoradh ur fogharaidh a dh’ionnsaigh an t‑sagairt:

Agus chan ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasan glasa, gus an là sin fhèin anns an toir sibh tabhartas a‑chum ur Dè: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean, nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile:

Bheir sibh suas breacag den chiad chuid de ur taois, mar thabhartas-togte; mar a thogas sibh tabhartas-togte an ùrlair-bhualaidh, mar sin togaidh sibh i.

Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil.

Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Agus a‑nis, feuch, thug mi leam ciad-thoradh an fhearainn a thug thusa, a Thighearna, dhomh. Agus cuiridh tu e am fianais an Tighearna do Dhia, agus nì thu adhradh am fianais an Tighearna do Dhia.

An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin.

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan