Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.
Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine.
Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan-sìthe airson breith-buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn.
Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.
Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha.
Agus chan fhaicear agad aran gortaichte ad chrìochan uile rè sheachd làithean: cha mhò a mhaireas a’ bheag den fheòil a dh’ìobras tu air feasgar anns a’ chiad là, rè na h‑oidhche gu madainn.