Ecsodus 34:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar do mhic uile an làthair an Tighearna Iehòbhah, Dia Israeil: Faic an caibideil |
Ach nuair a thig muinntir an fhearainn an làthair an Tighearna anns na h‑àrd-fhèillean, esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata thuath gu adhradh, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata dheas; agus esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata dheas, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata thuath, cha till e air slighe a’ gheata air an deachaidh e a‑steach, ach thèid e a‑mach thall fa chomhair.