Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean.

Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.

Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

A‑thaobh tabhartas a’ chiad toraidh, bheir sibh seachad e don Tighearna: ach cha loisgear air an altair e a‑chum fàile chùbhraidh.

Agus àirmhidh sibh dhuibh fhèin on là màireach an dèidh na sàbaid, on là anns an tug sibh leibh sguab an tabhartas-luaisgte: bidh seachd sàbaidean iomlan ann:

Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos seo bidh fèill nam pàillean rè seachd làithean don Tighearna.

Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.

Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas.

Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite.

Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan