Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù is leamsa e, agus gach ciad-ghin am measg do sprèidhe, mas ann den bhuar no de na caoraich e, a bhios fireann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè:

An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Agus bidh toiseach ciad-thoradh nan uile nithean, agus gach uile thabhartas de gach seòrsa de ur tabhartais aig na sagartan: bheir sibh mar an ceudna don t‑sagart toiseach ur taoise, a‑chum gun toir e air a bheannachadh còmhnaidh a ghabhail ann ad thaigh.

(Mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Gach ciad-ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù, gairmear naomh don Tighearna e;)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan