Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach gun do rinn thu olc os cionn nan uile a bha romhad, agus gun deachaidh tu agus gun do rinn thu dhut fhèin diathan eile, agus dealbhan leaghte, gu fearg a chur ormsa; agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh:

Ach dh’imich e ann an slighean rìghrean Israeil, agus mar an ceudna rinn e dealbhan leaghte do Bhàalim.

Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.

Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.

Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.

Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine.

Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:

Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte, no coslas air bith a dh’aon nì a tha shuas air nèamh, no a tha shìos air an talamh, no a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Agus nuair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid da mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h‑iomlan an t‑airgead don Tighearna om làimh airson mo mhic, a dhèanamh deilbh shnaidhte, agus deilbh leaghte: a‑nis, matà, bheir mi air ais dhut e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan