Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gun gabh thu den nigheanan dod mhic, agus gun tèid an nigheanan le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad air do mhic dol le strìopachas an dèidh an diathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh:

Agus bha gaol aig rìgh Solamh air mòran de mhnathan coimheach, a thuilleadh air nighean Phàraoh, ban-Mhòabaich, ban-Amonaich, ban-Edomaich, ban-Shidonaich, agus ban-Hitich;

Ach cha robh neach ann cosmhail ri Ahab, a reic e fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, do bhrìgh gun do chuir a bhean Iesebel thuige e.

Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin.

A‑nis, matà, na tugaibh ur nigheanan dam mic, agus an nigheanan-san na gabhaibh dur mic-se, agus na iarraibh an sìth no an saoibhreas gu bràth, a‑chum gum bi sibh làidir, agus gun ith sibh math an fhearainn, agus gum fàg sibh e na oighreachd dur cloinn gu bràth.

Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd-riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo.

Agus nach toir sinn ar nigheanan do shluagh na tìre, agus nach gabh sinn an nigheanan-san dar mic:

Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar no biadh air bith air là na sàbaid, ga reic, nach ceannaich sinn e uapa air an t‑sàbaid no air là naomh: agus gun leig sinn leis an t‑seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile.

Mar an ceudna, anns na làithean sin chunnaic mi Iùdhaich a phòs mnathan de Asdod, de Amon, agus de Mhòab.

Agus thug mi achmhasan dhaibh agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid dhiubh, agus spìon mi dhiubh am falt, agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach tugadh iad an nigheanan dam mic-san, agus nach gabhadh iad an nigheanan-san dam mic no dhaibh fhèin.

Agus rinneadh neòghlan iad len obraichean, agus chaidh iad air strìopachas len gnìomharan.

Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.

Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh.

No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh-se:

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo-thimcheall-gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean.

Agus ghabh clann Israeil còmhnaidh am measg nan Canàanach, nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach:

Agus ghabh iad an nigheanan gu bhith nam mnathan aca, agus thug iad an nigheanan fhèin dam mic-san; agus rinn iad seirbhis dan diathan.

Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan