Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus buailidh an Tighearna Israel, mar a ghluaisear cuilc anns an uisge, agus spìonaidh e Israel as an fhearann mhath seo, a thug e dan athraichean, agus sgapaidh e iad air an taobh thall den abhainn; a chionn gun do rinn iad an doireachan, a’ cur feirge air an Tighearna.

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Agus thubhairt e, Bheir mi air mo mhaitheas uile dol seachad ad làthair, agus gairmidh mi ainm an TIGHEARNA ad fhianais; agus bidh mi gràsmhor dhàsan dom bi mi gràsmhor, agus nochdaidh mi tròcair dhàsan don nochd mi tròcair.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Agus cuiridh mise m’eud ad aghaidh, agus buinidh iad gu ro‑gharg riut: bheir iad air falbh do shròn, agus do chluasan, agus tuitidh d’fhuidheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic, agus do nigheanan, agus loisgear na dh’fhàgar dhìot anns an teine.

Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?

Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.

Bhrosnaich iad e gu eud le diathan eile, le gràinealachdan chuir iad corraich air.

Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.

Oir is teine dian-loisgeach an Tighearna do Dhia; is Dia eudmhor e.

Agus thubhairt sibh, Feuch, dh’fhoillsich an Tighearna ar Dia dhuinn a ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn a ghuth à meadhon an teine: chunnaic sinn an‑diugh gun labhair Dia ri duine, agus gum mair e beò.

Na biodh diathan sam bith eile agad am fhianais.

(Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean.

Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan