Ecsodus 34:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan. Faic an caibideil |
Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.