Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 34:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh-san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh-se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth-lean Solamh ann an gaol.

Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbhan agus doireachan air gach uile chnoc àrd, agus fo gach uile chraoibh uaine.

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh;

An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.

A‑chum nach teagaisg iad dhut a dhèanamh a rèir an uile ghràinealachd, a rinn iad dan diathan; mar sin pheacaicheadh sibh an aghaidh an Tighearna ur Dia.

Agus bheir an Tighearna thairis iad ro ur gnùis, a‑chum gun dèan sibh riu a rèir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:

Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?

Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.

Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan