Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.
Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.
Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.
Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche.
An sin ghabh Ieremiah clàr eile, agus thug e do Bharuch mac Neriah, an sgrìobhaiche, e, a sgrìobh ann o bheul Ieremiah uile bhriathran an leabhair a loisg Iehoiacim rìgh Iùdah anns an teine; agus chuireadh os bàrr riu mòran de bhriathran eile cosmhail riu sin.