Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Agus bhris an sluagh uile dhiubh an cluas-fhailean òir a bha nan cluasan, agus thug iad gu Aaron iad.

Agus nuair a chuala an sluagh an droch sgeul seo, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine sam bith air a bhrèaghachd.

Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh.

Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.

Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.

Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach-saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan