Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Thèid mi sìos a‑nis, agus chì mi ma rinn iad gu lèir a rèir a’ ghlaoidh, a thàinig am ionnsaigh; agus mura do rinn, bidh fhios agam.

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon-oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.

Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean;

Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.

Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh ri sliabh Hòreb.

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;

Seadh, tha peanas aingidheachd nighean mo shluaigh-sa nas mò na peanas peacadh Shòdoim, a thilgeadh bun-os‑cionn an tiota, agus air nach tàinig laigse làmh.

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Sgaraibh sibh fhèin o mheasg a’ cho-chruinneachaidh seo, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla.

A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan