Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean-sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan-coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.
Ach dod thaobh-sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh.
Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.