Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh-sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.

Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse.

Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus thubhairt esan, Foillsich dhomh, guidheam ort, do ghlòir.

Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chì thu mo chùlaibh: ach chan fhaicear m’aghaidh.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.

Agus thubhairt sibh, Feuch, dh’fhoillsich an Tighearna ar Dia dhuinn a ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn a ghuth à meadhon an teine: chunnaic sinn an‑diugh gun labhair Dia ri duine, agus gum mair e beò.

Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.

Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?

Agus thubhairt Manòah ra mhnaoi, Gu cinnteach gheibh sinn bàs, oir chunnaic sinn Dia.

Agus nuair a thuig Gideon gum b’e aingeal an Tighearna a bha ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhè! a chionn gum faca mi aingeal an Tighearna aghaidh ri aghaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan