Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh-sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan?

Oir dhealaich thu iad a‑chum oighreachd dhut fhèin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois, d’òglach fhèin, nuair a thug thu ar n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, a Thighearna Dhè.

Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh-se an Tighearna.

Agus thubhairt e, Feuch, nì mise coicheangal; ann an làthair do shluaigh uile nì mi nithean iongantach, nithean nach do rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chì an sluagh uile, am measg a bheil thu, obair an Tighearna; oir is nì uamhasach a nì mise riut.

Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.

Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.

Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh.

Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn seo: oir chuala iad gu bheil thusa, a Thighearna, am measg an t‑sluaigh seo; gu bheil thusa, a Thighearna, air d’fhaicinn aghaidh ri aghaidh; agus gu bheil do neul a’ seasamh os an cionn; agus gu bheil thu ag imeachd romhpa, ann am meall neòil anns an là, agus ann am meall teine anns an oidhche.

Oir o mhullach nan creag tha mi ga fhaicinn, agus o na slèibhtean tha mi ag amharc air: feuch, gabhaidh an sluagh còmhnaidh air leth, agus cha mheasar iad am measg nan cinneach.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

No an d’fheuch Dia ri dol gu cinneach a ghabhail dha fhèin, o mheasg cinnich eile, le deuchainnean, le comharraidhean, agus le iongantasan, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhasan mòra, a rèir nan uile nithean a rinn an Tighearna ur Dia air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl?

Oir cia e an cinneach cho mòr, aig a bheil Dia am fagas dhaibh, mar a tha an Tighearna ar Dia-ne anns na h‑uile nithean airson a bheil sinne a’ gairm air?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan