Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Don tug mi mo mhionnan am fheirg, nach rachadh iad a‑steach dom fhois.

Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

Mar seo deir an Tighearna, Fhuair an sluagh a dh’fhàgadh leis a’ chlaidheamh coibhneas anns an fhàsach; eadhon Israel, nuair a chaidh mise a thoirt fois dha.

Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.

Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean.

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Ach nuair a thèid sibh thar Iòrdan, agus a ghabhas sibh còmhnaidh anns an fhearann a bheir an Tighearna ur Dia dhuibh ra shealbhachadh, agus nuair a bheir e fois dhuibh o ur naimhdean uile mun cuairt, agus a ghabhas sibh còmhnaidh gu tèarainte,

Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e.

Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, cho math is dhuibhse, agus gus an sealbhaich iadsan mar an ceudna am fearann a thug an Tighearna ur Dia dhaibh an taobh thall de Iòrdan: agus an sin tillidh gach duine agaibh ga sheilbh, a thug mi dhuibh.

Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.

Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.

Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan