Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh ri Sadoc, Thoir air a h‑ais àirc Dhè don bhaile; ma gheibh mi deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e fhèin, agus a àite-còmhnaidh.

Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomharan do chloinn Israeil.

Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachdan, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch.

Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman.

Teagaisg dhomh do shlighe, a Thighearna, agus treòraich mi air slighe dhìrich air sgàth mo naimhdean.

Teagaisgidh mi do luchd-easaontais do shlighean, agus iompaichear peacaich ad ionnsaigh.

Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi ad fhìrinn; coicheangail mo chridhe a‑chum eagal d’ainme a bhith orm.

Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Eiphit.

Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

Carson a labhradh na h‑Eiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e a‑mach iad, a‑chum am marbhadh anns na beanntan, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Till od chorraich ghairg, agus gabh aithreachas den olc seo an aghaidh do shluaigh.

Agus ghabh an Tighearna aithreachas den olc a thubhairt e gun dèanadh e air a shluagh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin.

Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.

Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn-san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?

Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.

A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean.

Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan;

Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

Gidheadh is iad do shluagh iad, agus d’oighreachd, a thug thu a‑mach led threun neart, agus led ghàirdean sìnte a‑mach.

A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;

Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan