Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, tha thu ag ràdh rium, Thoir suas an sluagh seo; agus cha tug thu fios dhomh cò a chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu air d’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean am shùilean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.

Agus thubhairt an rìgh ri Sadoc, Thoir air a h‑ais àirc Dhè don bhaile; ma gheibh mi deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e fhèin, agus a àite-còmhnaidh.

Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Eiphit.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Uime sin a‑nis imich, treòraich an sluagh a‑chum an ionaid mun do labhair mi riut; feuch, thèid m’aingeal romhad: gidheadh, anns an là anns am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi i:

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, An nì seo mar an ceudna a thubhairt thu, nì mise; oir fhuair thu deagh-ghean am shùilean, agus is aithne dhomh thu air d’ainm.

Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.

Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil.

Mun do dhealbh mi thu anns a’ bhroinn, b’aithne dhomh thu; agus mun tàinig thu a‑mach on bholg, chuir mi air leth thu: mar fhàidh do na cinnich thug mi thu.

A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh.

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan