Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 33:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Maois aghaidh ri aghaidh, mar a labhras duine ra charaid. Agus thill e a‑rìs don champ; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nuin, duine òg, a‑mach as a’ phàillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.

Nach tusa ar Dia-ne, a dh’fhògair a‑mach luchd-àiteachaidh na tìre seo rod shluagh Israel, agus a thug i do shliochd Abrahàim, do charaid, gu bràth?

O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach!

Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

Agus chuala Iosua toirm an t‑sluaigh nuair a rinn iad iolach, agus thubhairt e ri Maois, Tha toirm cogaidh anns a’ champ.

Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.

Agus nuair a chaidh Maois a‑steach don phàillean, thàinig am meall neòil a‑nuas, agus sheas e aig doras a’ phàillein, agus labhair an Tighearna ri Maois.

Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.

Agus fhreagair Iosua mac Nuin, seirbhiseach Mhaois, aon de a òganaich, agus thubhairt e, Mo thighearna, a Mhaois, bac iad.

Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile.

Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois?

Na nithean seo labhair e: agus na dhèidh sin thubhairt e riu, Tha ar caraid Làsaras na chadal: ach tha mise a’ dol a‑chum gun dùisg mi as a chadal e.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fhèin ann am pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun toir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd iad iad fhèin ann am pàillean a’ choitheanail.

Agus cha d’èirich fàidh o sin ann an Israel cosmhail ri Maois, neach a b’aithne don Tighearna aghaidh ri aghaidh;

Aghaidh ri aghaidh labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine.

Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan