Agus chunnaic an sluagh uile am meall neòil na sheasamh aig doras a’ phàillein: agus dh’èirich an sluagh uile suas, agus rinn iad adhradh, gach duine ann an doras a bhùtha.
Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.
Agus labhair an Tighearna ri Maois aghaidh ri aghaidh, mar a labhras duine ra charaid. Agus thill e a‑rìs don champ; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nuin, duine òg, a‑mach as a’ phàillean.
Agus nuair a chaidh Maois a‑steach don phàillean, thàinig am meall neòil a‑nuas, agus sheas e aig doras a’ phàillein, agus labhair an Tighearna ri Maois.
Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.
Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.