Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh cha b’àill leo èisdeachd, ach chruadhaich iad am muineal, cosmhail ri muineal an athraichean, nach do chreid anns an Tighearna an Dia.

A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

Ach rinn iad fhèin agus ar n‑athraichean gu h‑uaibhreach, agus chruadhaich iad am muineal, agus cha d’èisd iad rid àitheantan.

Agus dhiùlt iad èisdeachd, agus cha do chuimhnich iad d’iongantasan a rinn thu nam measg; ach chruadhaich iad am muineal, agus dh’òrdaich iad ceannard, a‑chum tilleadh dan daorsa anns an Eiphit: ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an truacantas, agus cha do thrèig thu iad.

Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia.

A dh’ionnsaigh fearainn a tha a’ sruthadh le bainne agus mil: oir cha tèid mi suas ad mheasg, oir is sluagh rag-mhuinealach thu, air eagal gun claoidh mi thu anns an t‑slighe.

Oir thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am plathadh thèid mi suas nur measg, agus claoidhidh mi sibh: a‑nis uime sin, cuiribh dhibh ur brèaghachd, a‑chum is gum bi fhios agam ciod a nì mi ribh.

Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;

Chunnaic mi d’adhaltranas, agus do shitrich, agus do strìopachas mì‑nàireach, do ghràinealachdan air na cnuic, anns a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O Ierusaleim! Nach bi thu air do ghlanadh? Cuin idir a bhios sin?

Ann an taigh Israeil chunnaic mi nì ro‑ghràineil: an sin tha Ephraim ri strìopachas; tha Israel air a thruailleadh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?

A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.

Timcheall-ghearraibh, uime sin, ro‑chraiceann ur cridhe, agus na bithibh rag-mhuinealach nas mò.

Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh is a tha mi fhathast beò maille ribh an‑diugh, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna; agus cia as mò na sin a bhios sibh an dèidh mo bhàis?

A bhàrr air seo, labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.

Tuig, uime sin, nach ann airson d’fhìreantachd-sa, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut an fhearainn mhaith seo ra shealbhachadh; oir is sluagh rag-mhuinealach thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan