Ecsodus 32:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin. Faic an caibideil |
Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.
Tha deich agus trì-fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe.