Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich iad suas gu moch air an là màireach, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus thug iad leo tabhartasan-sìthe: agus shuidh an sluagh sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad suas gu sùgradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna.

Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.

Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.

Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtean an diathan: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos dan diathan.

Agus na bithibh-se nur luchd-iodhal-adhraidh, mar a bha cuid dhiubhsan; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Shuidh am poball sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad a chluiche.

Agus nì luchd-àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan