Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal-gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus rinn Ierobòam fèill anns an ochdamh mìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos, cosmhail ris an fhèill a bha ann an Iùdah, agus dh’ìobair e air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoigh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagartan nan àitean àrda a rinn e.

Agus thubhairt Iehu, Gairmibh fèill naomh do Bhàal. Agus ghairm iad i.

Gidheadh ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoigh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan.

Agus rinn e dha fhèin sagartan airson nan àitean àrda, agus airson dhiabhal, agus airson nan laogh a rinn e.)

Agus a‑nis tha sibh a’ smaoineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mic Dhaibhidh; agus tha sibh nur sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ierobòam dhuibh mar dhiathan.

Eadhon nuair a rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte agus a thubhairt iad, Seo do dhia a thug a‑nìos thu as an Eiphit, agus a dh’obraich iad mòran brosnachaidh:

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.

Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.

Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.

Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo.

Agus bhris an sluagh uile dhiubh an cluas-fhailean òir a bha nan cluasan, agus thug iad gu Aaron iad.

Agus chlaoidh an Tighearna an sluagh, a chionn gun do rinn iad an laogh a rinn Aaron.

Agus nuair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là fèille a‑màireach don Tighearna.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin.

Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus truaillidh sibh trusgan ur dealbhan airgid, agus sgeadachadh do dhealbhan òir; tilgidh tu uat iad mar aodach truaillte; their thu ris, Teich uam.

Taomaidh iad òr as a’ mhàla, agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh.

Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas.

Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris.

Agus a‑nis tha iad a’ ciontachadh nas mò agus nas mò, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte den airgead: iodhalan a rèir an seòltachd fhèin, an t‑iomlan dheth obair nam fear-ceàirde: tha iad ag ràdh dan taobh, Dèanadh a’ mhuinntir a tha ag ìobradh an laoigh a phògadh.

Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine.

Agus rinn iad laogh anns na làithean sin, agus thug iad ìobairt don dealbh, agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhèin.

Agus na bithibh-se nur luchd-iodhal-adhraidh, mar a bha cuid dhiubhsan; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Shuidh am poball sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad a chluiche.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, bha sibh air peacachadh an aghaidh an Tighearna ur Dia, rinn sibh laogh leaghte dhuibh fhèin: bha sibh air tionndadh a thaobh gu grad as an t‑slighe a dh’àithn an Tighearna dhuibh.

Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad).

Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan