Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chlaoidh an Tighearna an sluagh, a chionn gun do rinn iad an laogh a rinn Aaron.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim.

Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo.

Agus nuair a chunnaic Maois gu robh an sluagh rùisgte (oir rùisg Aaron iad a‑chum an nàire am measg an naimhdean),

Agus rinn clann Lèbhi a rèir facal Mhaois: agus thuit den t‑sluagh anns an là sin mu thimcheall trì mìle fear.

Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal-gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus bhàsaich anns a’ phlàigh ceithir mìle ar fhichead.

A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.

Agus rinn iad laogh anns na làithean sin, agus thug iad ìobairt don dealbh, agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan