Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh a‑nis, mas toil leat, maith dhaibh am peacadh; ach mura maith, dubh mise, guidheam ort, a‑mach as do leabhar a sgrìobh thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich, agus ann ad leabhar sgrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh ri ùine, gun aon dhiubh fhathast ann.

Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar?

Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

A‑nis uime sin leig leam, agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh, agus claoidhidh mi iad: agus nì mi dhìotsa cinneach mòr.

Agus tàrlaidh, an neach a dh’fhàgar ann an Sion, agus a dh’fhanas ann an Ierusalem, goirear esan naomh, eadhon gach aon a tha sgrìobhte am measg nam beò ann an Ierusalem,

Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Agus thàrladh nuair a chuir iad crìoch air ithe luibhean na tìre, gun dubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, maith, guidheam ort; cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag.

An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar-cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.

Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.

Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh-ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì-fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad.

Maith, guidheam ort, aingidheachd an t‑sluaigh seo, a rèir meud do thròcair, agus a rèir mar a thug thu maitheanas don t‑sluagh seo on Eiphit gus a‑nis.

Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan.

An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air.

Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a‑thaobh na feòla:

Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e.

Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.

Leig dhomh, a‑chum is gun sgrios mi iad, agus gun dubh mi a‑mach an ainm o bhith fo nèamh; agus nì mi dhìotsa cinneach as cumhachdaiche agus as mò na iadsan.

Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho-obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain.

Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann-san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan