A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.
Eadhon nuair a rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte agus a thubhairt iad, Seo do dhia a thug a‑nìos thu as an Eiphit, agus a dh’obraich iad mòran brosnachaidh:
Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.
Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a‑nis thèid mise suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, a dh’fheuchainn an dèan mi rèite airson ur peacaidh.
Agus bha e an sin maille ris an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith e aran, cha mhò a dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir facail a’ choicheangail, na deich àitheantan.
Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh.
Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais.