Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an-diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh.
Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel:
Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a‑nis thèid mise suas a dh’ionnsaigh an Tighearna, a dh’fheuchainn an dèan mi rèite airson ur peacaidh.
Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd.
An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e: