Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn clann Lèbhi a rèir facal Mhaois: agus thuit den t‑sluagh anns an là sin mu thimcheall trì mìle fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan.

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis, agus rachaibh a‑steach agus a‑mach o gheata gu geata air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach.

Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an-diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh.

Agus chlaoidh an Tighearna an sluagh, a chionn gun do rinn iad an laogh a rinn Aaron.

Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna.

Agus nuair a chunnaic Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart e, dh’èirich e suas o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, agus ghabh e sleagh na làimh:

Agus bidh na bailtean a bheir sibh seachad de sheilbh chloinn Israeil: uaithesan aig a bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uaithesan aig a bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon de a bhailtean do na Lèbhithich, a rèir a oighreachd a tha e a’ sealbhachadh.

Agus na dèanamaid strìopachas, mar a rinn cuid dhiubhsan, agus a thuit dhiubh ann an aon là trì-mìle-fichead.

A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan