Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis, agus rachaibh a‑steach agus a‑mach o gheata gu geata air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail.

An sin sheas Maois ann an geata a’ champa, agus thubhairt e, Cò a tha leis an Tighearna? Thigeadh e am ionnsaigh-sa. Agus chruinnich mic Lèbhi uile da ionnsaigh.

Agus rinn clann Lèbhi a rèir facal Mhaois: agus thuit den t‑sluagh anns an là sin mu thimcheall trì mìle fear.

Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh fhèin an-diugh don Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a‑chum is gum builich e oirbh beannachadh air an là‑an‑diugh.

Agus ri càch thubhairt e ann am èisdeachd, Rachaibh-se na dhèidh-san tron bhaile, agus buailibh: na coigleadh ur sùil, cha mhò a bhios truas agaibh.

Agus thubhairt Maois ri britheamhan Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh a dhaoine, a cheangail iad fhèin ri Bàal-peor.

Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.

Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac fhèin, no do nighean, no bean-phòsda d’uchd, no do charaid, a tha dhut mar d’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhut fhèin no dod athraichean;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan