Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 32:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin sheas Maois ann an geata a’ champa, agus thubhairt e, Cò a tha leis an Tighearna? Thigeadh e am ionnsaigh-sa. Agus chruinnich mic Lèbhi uile da ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus sheas fear de òganaich Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhainn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab.

Agus thog esan a aghaidh suas a dh’ionnsaigh na h‑uinneig, agus thubhairt e, Cò a tha leamsa, cò? Agus dh’amhairc dithis no triùir de chaillteanaich a‑mach air.

Cò a dh’èireas leam an aghaidh luchd-dèanamh an uilc? Cò a sheasas air mo shon an aghaidh luchd-dèanamh na h‑aingidheachd?

Agus nuair a chunnaic Maois gu robh an sluagh rùisgte (oir rùisg Aaron iad a‑chum an nàire am measg an naimhdean),

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis, agus rachaibh a‑steach agus a‑mach o gheata gu geata air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach.

An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e.

A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.

Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan