Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.
Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna.
An sin sheas Maois ann an geata a’ champa, agus thubhairt e, Cò a tha leis an Tighearna? Thigeadh e am ionnsaigh-sa. Agus chruinnich mic Lèbhi uile da ionnsaigh.
Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.
A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.
Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart:
Imich air falbh, a bhean-àiteachaidh Shaphir, led nàire air a leigeadh ris: cha deachaidh luchd-àiteachaidh Shanam a‑mach gu tuireadh: O Bheteseil, gheibh e uaibhse àite-seasaimh.
Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.